DÀNACH, ÒRANACH & SGEULACH (I)A charaid chaoimh, thoir uam-sa beannachd,Gu càirdean na Fèinn’ ‘s tu cèilidh mar riuth’A Bhinnipeig mhòr nan stòr ‘s na ceannachd,A’ chruithneachd, a’ choirc’, is a’ phònair.
(II)O togamaid fonn sa chànain mhaiseach,A dh’ionnsaich sinn òg mu chrò na cagailt,An dùthaich nan sonn ri tonn a’ chladaich,Far an lùiginn rithist bhith còmhnaidh.
(III)Nam smuaintean leam fhèin ‘s nam bhruadar cadail,Tha mise gach uair toirt cuairt don bhaile,San d’ fhuair mi am blàths, an gràdh ‘s am bainne,Is càirdeas cridheil na h-òige.
(IV)Cha robh ach an-raoir ge b’ e cruaidh an reothadh,Bha mis’ agus càch le spàirn a’ treabhadh,A’ cur a’ bhuntàt’ am bàrr an leothaid,‘S a’ tionndadh talamh an eòrna.
(V)Na h-uain bheag a’ leum air bruaich na gile,Is aiteal na speur na leus san linne,An…