(I)Co bho ’n dàinig an dream chalm’ ud,’Bu mhor ainm am measg nan Gaidheal?Clann-Ghilleain mhòrail, mhùirneach,D’am bu dù ’bhith bras ’san àraich.Thainig iad, a reir luchd-sgeula,Bho’n fhear ghleusd ud, Dùghall Sgàinne;Seann laoch uasal d’am bu chleachdadhFialachd, ceartas, agus bàigheachd.
(II)Bha GILLEAIN treun de ’shiol-san,’S b’ ard mar thriath e ’n Earra-Ghaidheal;’S iomadh la a rinn e sgathadhLe thuaigh-chatha ’n teas nam blàraibh,Lean an sliochd a thainig bhuaitheRi ainm uasal, mor, gu laidir;’S Clann-Ghilleain air linn iad,Cinneadh rioghail nan glonn arda.
(III)Sheas GILLIOSA, mac Ghilleain,Gun cheum meathaidh riamh le ’dhùthaich,’S am blar Lairge nan cruaidh bhuilleanDhearbh e ’churantachd mar bhiùthaidh.Rinn a mhac-san, GILLECALUM,Gniomhan arronta le dùthrachdAm blar ainmeil Allt-a-bhonnaich,Le ’loinn shoilleir, ghuinich, dhrùidhtich.
(IV)Dh’ fhag IAIN DUBH, mac gasd’ an laoich sin,Da mhac aobhach, fhearail, euchdach;LACHAINN LUBANACH an eagnaidh,’S Eachann Reaganach…
